25/11/2006

Dòrainn san Òbain ach Lèintean Matha san Amharc


Sann a chaidh aig na Laboraich aon 500 anam truagh a tharraing dhan Òbain an-de gus Balonaidh Blair a chluinntinn. A-reir aithrisean, bha faisg air 90% den oraid aige a’ cur an-aghaidh an SNP. Fianais, tha e coltach, gu bheil luchd an aonaidh fo iomagain mu taghadh na h-Alba a ghabhas aite sna mìosan a tha romhainn.

Thachair seo san aon seachdainn a b’fheudar dha Al ‘Qaeda’ Moireasdan, BPA lèisg airson nan Eilean Siar, mathanas iarraidh as dèidh dha ràdh gur e ‘faiseisteach’ a bh’ann am ball-pàrlamaid eile. Thathar a’ smaointinn gur ann air Rob Gibson a bha e a-mach. Se Rob ball Nàiseantach a th’air obair ionmholta a dheanamh air foghlam mu na Fuadaichean is gnothaichean Gaidhealach eile. An taca ri seo, se Alasdair mac a’ mhannsa a chuir a thaic ri riaghaltas Bhreatainn a’ ceannsachadh dùthchannan “3mh saoghal” mar Afganastan agus Iorag. Cogaidhean a tha air na ceud mìltean fhàgail marbh eadar muinntir nan dùthchannan siud agus fireannaich is mnathan òga a shabaid annta.


Mar sin dheth, nach mi bha cho sona ri sàgairt ann an taigh siùrsach nuair a chaidh m'aire a tharraing dha na lèintean-T aig a’ bhuidhean nàiseantach ‘Saor Alba’. Mar bu dual, chan urrainn dha na nàiseantaich seo tòrr Gàidhlig a bruidhinn ach... ar leam gu bheil an cuid lèintean rudeigin snasail. An e seo an lèine Gàidhlig as snasaile a chaidh dèanamh a-riamh? Chunnaic mi cuid eile a bha air leth math ri an reic air blog eile an aiteigin cuideachd. Agus tha fios agam gun robh a' bhuidhean 'FAS' a' reic cuid o chionn bliadhna no dhà. Freagairtean gu h-ìosal mas e ur toil e! Cuir aon an liosta airson Donas na Nollaig is cosg e le moit!

'SAOR ALBA' leintean-t ri an ceannachd an-seo.

12/11/2006

Là gun cheannachd – 25mh Samhain 2006

Nach math an smaoin seo. Le fèisean a’ Gheamhraidh a’ teannadh dlùth agus dha rèir, barrachd impidh ga chur oirnn ar n-airgead a chur bhuainn, bhiodh là far nach eil an cudrom sin ann na fhaochadh dhuinn uile. A thuilleadh air siud, tha e na dheagh chothrom air beagan fois inntinn a ghabhail. Chìthear sna bùthan aig an àm seo den bhliadhna gach uireasbhaidh daonna a’ tighinn am bàrr. Sannt is strì is daoine air an slugadh le cumhachd an t-sanasachd.

Sann a thoisich seo leis a’ bhuidheann Adbusters agus chan ann dhan t-slàinte againn fhìn a-mhàin a tha seo ach airson cor ar planaid. A bharrachd air siud, carson a dh'fheumas cuid mhòr den t-saoghail aig nach eil suim sam bith dhan taobh seo den chultar againne obair am bùthan fallais dhuinne?

Chanainn gur e sàr chothrom a tha seo airson onghail is amaideas nam bùthan is a’ bhaile mhòr a chur air ar culaibh is togail oirnn dhan dùthaich.

Tuilleadh eòlais an-seo:
http://www.adbusters.org/home/
http://www.buynothingday.co.uk/
http://en.wikipedia.org/wiki/Buy_Nothing_Day