25/04/2007

Mar chuimhneachan: Gernika 70 bliadhna


Dh’fheuch aon duine an dùthaich a chumail ‘aonaichte’. Dh’fheuch e dictatorship Faiseastach Chrìostaidh a chruthach. Dh’fheuch e na beàrtaich a dhìon an-aghaidh nan acrach.

Is shoirbhich leis.


Le cumhachd is beannachd na h-eaglaise, nam beàrtach, Hitler is Mussolini air a chul, chaidh aig Francesco Franco an Spàinn a chumail fo dhaorsa fad faisg air 40 bliadhna. Cha robh càil aig Franco dha iomdachd an rubha Iberian. Gu dearbh, bu lugh’ air muinntir Dhùthaich nam Basgach, an cinneadh as aosta rim maireann san Roinn Eòrpa.


Air Giblean 26mh, 1937, nochd feachd adhair Gearmailteach os cionn a’ ghlinne far na seas baile Gernika. Thàinig iad le cuireadh bho Fhranco fhèin agus b’e sàr chothrom a bh’ann dha na Nadsaich na h-innealan ùra bàis aca a chur an gnìomh. Libhrig iad teine is bàs bho na speuran is chaochail co-dhiù na ceudan.

Bhàsaich na ceud mìltean san Spàinn ri linn Franco. ‘If you tolerate this then your children will be next’, thuirt na postaran Poballach. Siad a bha ceart. Ann ceann dà bhliadhna eile bha Hitler air an Roinn Eòrpa is an saoghal an slaodadh dhan fhairge fhùilteach a dh’fhàg na milleanan marbh.

Tha e iomchaidh dha Albannaich sam àm seo seo chuimhneachadh is iadsan a dhèanadh Alba ùr adhartach gan dìon fhèin an-aghaidh brochan mi-chàilear de Naisteanas Breatannach. Taigh na croiche air British NationalismBNP, Orange Order, New Labour, Tories, Lib Dems... No pasaran dha luchd a' Bhutchers Apron!

Saor Euskal Herria. Saor Alba.

Bombing of Gernika, pios Wiki.

21/04/2007

Sùil air cuid air taobh an Aonaidh


Tha inneal nam breug aig Labor a’ cur thairis an ceartair is na Nàiseantaich fhathast air thoiseach air càch san iomairt airson Pàrlamaid na h-Alba. A bharrachd air Iorag, airgead airson urraman is cosgais de £20 billean no barrachd air urchairean Thrident, bhiodh e ceart is iomchaidh an-seo cumail nar cuimhne an làimhseachadh nàr de fhogarraich.

S iomadh sgeul a tha sinn air leughadh mu poileas a’ briseadh dorsan ann an ‘ruaigean a’ chamhanaich’ (no na h-infamous dawn raideachan mar chanadh Uibheastach an Glaschu!). Se toradh nan tachartasan tàmailteach a tha seo ach clann òga air an spìonadh às an leapanan is air an cur ann am prìosanan gus an tig an t-àm airson faighinn cuidhteas iad gu tùr.

Aig àmannan, se seo clann is deugairean a th’air a bhith an Alba fad bliadhnaichean aig nach eil ach mir eòlais air tìr am breith. Tha iad air toirt air bruid às na sgoiltean aca agus air an dealachadh bho charaidean.


A dh’aindeoin seo, thathar a’ cur às leth daoine – a’ gabhail a-steach an SNP, Na h-Uainich, SSP, Solidartiy agus daoine eile - a mhiannaicheas neo-eisimileachd dha Alba gur e ‘gràin’ fath an iomairt!
Co-dhiù, nach beag an t-ìongnadh gum faic sinn ionnsaighean sgreataidh air coigrich ann an Alba le leth-chiallaich a tha air am brosnachadh le dol a-mach nan Laboraich, nan Toraidhean is nan caraidean sna meadhanan.

Thàinig an dealbh gu h-àrd à leabhar ùr - Anti Fascist - a th’air nochdadh a dh’innseas sgeul an t-sabaid an aghaidh luchd gràin-cinnidh sna 70an is 80an. Se daoine mar seo (abair master race!), am BNP a tha a-nisd a’ taladh bhotaichean bho Labor ann an cuid a sgiìrean ann an Sasann. Cò a dh'iarradh a bhith na phàirt den chomann seo?
Airson fios air an leabhar, theirig gu....
http://www.myspace.com/martin_lux_antifascist

15/04/2007

MacConnail a’ sireadh taigh ùr?

Chunnacas am bodach seo a’ taisbeanadh a bheachd mu choinneamh a’ chaismeachd mu dheireadh aig Independence 1st (is a’ Ghàidhlig àiteigin as a dèidh?) bho chionn ghoirid. A-rèir nan cunntas-beachd an-dràsta, tha a h-uile coltas ann gun breab muinntir na h-Alba seachd dathan a’ chàc à tòn MhicChonnail air 3mh Ceitein. Taigh ur dha? Taigh na croich' air!

Tha an iomairt aig Làbor air a bhith gu math truagh agus tha seo air cur ris an sgìos a th’againn mu chogadh Ioraig, làimheachas-làidir an-aghaidh fogarraich, ruith sìos an NHS, sgoiltean ar dùthcha fo bhuaidh calpachais phrìobhaideach agus m.s.a.a.

Gu mi-fhortanach, cha bhi ann an-seo ach a’ chiad cheum ann an dealachadh bho Shasann agus tha fhios gun sgaoil luchd an Aonaidh an tuilleadh eagail sna seachdainneann tha romhainn. As bith ur beachdan air na pàrtaidhean, se ar dleastanas SNP, Uaine, Solidarity no SSP a thaghadh.