30/05/2009

BNP - cho tiugh ri cac is a cheart cho cailear


Gu mi-fhortanach, tha e coltach gun dèan pàrtaidhean beaga an taobh dheis beagan adhartais san taghadh Eòrpach. Bhoill, ann an Sasann co-dhiù agus ‘s mathaid ann an Glaschu cuideachd. Tha leth-chiallaich mar a’ Bhnp agus Ukip làn chac.
‘Eil sinn ag iarraidh a bhith ri cogadh gun sgùr an-aghaidh ar nabaidhean? Chan ìongnadh e ‘s gu bheil na pàrtaidhean siud loma làn Little Englanders is gràin aca air rud sam bith a tha 'coimheach'.

Co-dhiù, bha e na chuis-gaire dhomhsa – is cha bu bheag siud! – lorg a-mach gu bheil a’ bhileag aig a’ Bhnp rudeigin ‘cein’! A-rèir choltas, tha an luchd-obrach à Oregon, na Spitfires às a’ Pholain agus na seann daoine ann às an Eadailt.
Bnp – cho tiugh ri cac a’ choin is mil’ uair nas salaiche!

11/05/2009

Eaglaisean an uchd a’ bhàis ach fhathast buaireanta



-->
A dh’aindeoin ‘s gu bheil ar beathannan air an riaghladh le reusan is tonaisg, tha fhathast iadsan a chumas a-mach gu bheil iadsan sònraichte air sgàth ‘s gun do ghabh iad ri beachdan is smaointean nach gabh dearbhadh. Ged a tha eòlas no saidheans na phàirt riatanach de bheatha an là seo, tha luchd saobh-chràbhaidh anns an h-eaglaisean fhathast airson tilleadh dha na làithean nuair a bha cumhachd aca. Is nach iad na laithean a bha dorcha is mi-thaitneach.
San Eilean Sgiathanach, tha diofar treubhan bho na h-eaglaisean Clèireach an amhaich a-chèile airson greim a chumail air toglaichean a bha uair aig aon aca, mus do dhealaich iad. Tha Eaglais na h-Alba a’ cur impidh air BBC Alba barrachd prògraman creidseamhach a shealltainn. Agus seo, a dh’aindeoin’s nach eil ach 1 ann an gach 10 a’ frithealadh eaglais. Nach eil iad riaraichte leis a’ chac is gòraiche a thèid craoladh gach là fon tiotal ‘Smuain na Maidne’?
Chan e cinneadh a th’ann an creidseamh. Se beachdan aosta aig nach eil smior de dh’fhianais ris an do ghabh iad gu saor-thoileach. Lifestyle choices, mar a chanar sa chànan eile. Tha iad saor gus beachd sam bith a leantainn ach am bu choir dhan staid no luchd-pàighidh nan cìsean a sheasamh?
Cum creidseamh dha na taighean is eaglais aig na daoine a tha faoin gu leòr a leantainn. Cum creidseamh taobh a-muigh ar sgoiltean is meadhanan. Tha coir aig clann a’ bhith a’ ceasnachadh, deasbad is reusanachadh, chan e dìreach beachdan a shlùgadh.