Tha Dùn Eideann na bhoil an-dràsta is iomadh fèis air dòigh. Ged a tha e coltach gu bheil blasan Sasannach nan mòr-chuid am measg beòil na sràide, tha am brochan de chànanan a tha rin cluinntinn na thoileachas dhan chluas.
Air Disathairne 10mh Lùnastal,bidh seo ri lorg aig Fèis nan Leabhraichean cuideachd is measgachadh de dh'aoigh fo sgèith
Ur-Sgeul a' leughadh bhon obair aca. Tha Mìcheal Klevenhaus as a' Ghearmailt air an obair aige a thaisbeanadh ann an Gàidhlig is cànan a dhùthcha-sa cuideachd. Tha Màiri E NicLeòid ann. Tha sgeul aice-se ann 'An Claigeann aig Damien Hirst' ged 's cinnteach gu bheil an tuilleadh aice sa bheart. Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul gu bhith ann agus 's ìongatach mur a bhios esan a' leughadh bho 'Smuain na Maidne'.
Gu h-inntinneach, tha sealladh ann bho neach-ionnsachaidh air Iomall an Fhèis. Seo
Bruce Fummey - Gaelic in the Afternoon is bidh tuilleadh mu Gàidhlig nan Gearmailteach aige! Na fhaclan fhèin:
For the last 18 months Bruce has been
learning Gaelic. What's the point? Trips to Skye, listening to Gaelic
radio, trying stand-up in Gaelic and lots of Germans. You read that
right! If you want to hear the funny side of his story: where he went,
who he met and the things that make your head want to explode and learn
some Gaelic phrases from a half-lowland half-African comedian brought up
by a Yorkshire granny, then this is for you!
Gu mi-fhòrtanach, tha cànan na h-Alba air a bhith sna cinn-naideachd airson nan adhbharan ceàrr cuideachd a' mhìos-sa. Tha e coltach gu bheil cuid ann an Luchd an Aonaidh airson eagal a chur air muinntir na h-Alba ro thighinn na Gàidhlig do na sgoiltean aca. Thog amadan no dithis an aithris a dh'fhoillsich FoghlamAlba anns an robh brosnachadh airson dà-chànanachais sna sgoiltean aca. Mar bu choir, thuirt iad gum bu choir sgoiltean suim a ghabhail dhan a' Ghàidhlig agus ma tha iarrtas ann, a libhreagadh dhan a' chloinn. Ach, mar bu dual, be propaganda diofraicte a nochd san
Albannach agus air làrach-lìn aig buidheann Tòraidheach 'Think Scotland' - air a sgrìobhadh le riochdaire foghlaim (!!!) nan Tòraidhean. 'S beag an t-ìongnadh gur e an '
Daily Liar' a bh'aig na Gaidheil air an Albannach ri linn nam fuadaichean.
ON THE DAY that the Scottish Government announced that it wants all
primary school children to learn Gaelic, I got a call from a
distinguished, and well-known Gael, who could not believe what he was
hearing. He told me, bluntly, that he thought the Scottish government
had taken leave of its senses.
If that is the reaction from one
of the most passionate supporters of all things Gaelic, then you can
imagine what the reception has been elsewhere, and quite right too.
Gabhaidh am pìos sgriosail aca a leughadh
an-seo.
As dèidh siud a leughadh, feumaidh mise dèanamh air tachartas Gaidhealach eile - siud an Whisky Fringe - airson tè bheag no deich.