11/12/2013

Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?


Tha an gainnead airgid a-nis a' toirt greim às a' Ghàidhlig. Cha iongnadh sin. Tha an tuarastal aig tòrr againn air a bhith reòite fad 2 no 3 bliadhnaichean a-nis agus mura h-eil thu nad bhancair, bhall-pàrlamaid no spuinnedair 'hedge fund', tha sin a' ciallachadh teachd-a-steach nas isle.

Carson Cothrom ma-tha? Tha sin a' cur iongnadh orm. Shaoileadh tu gum biodh co-dhiù aon iris no pàipear-naidheachd cunbhalach riatanach do chànan air iomadh adhbhar: Tha e a' toirt cosnadh do chuid tro mheadhan a' chànain; tha a' togail ìomhaigh a' chànain; tha e na eisimplear do chloinn is luchd-ionnsachaidh agus ma tha e deiligeadh ri iomadh cuspair laitheil, tha e ag àbhaisteachadh a' chànain.

Dh'fhaodadh Cothrom a bhith na b'fheàrr, gun teagamh. Tha sinn uile feumach air ùrachadh bho àm gu àm. Bha caraid dhomh, aig nach eil a' Ghàidhlig ach a bhruidheas cànan eile, den bheachd gun robh coltas beagan seann-fhasanta is stolda air. Ged a bha mi-fhìn an-sàs sa chuis, 's urrainn dhomh beachd mo charaid a thuigsinn. Ach, a bheil Cothrom na sgathan air coimhearsnachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig? Tha cuimhneam air clasaichean 20 bliadhna air ais far an robh fada cus falt liath an-làthair. Bha e follaiseach gun robh a' Ghàidhlig a' tarraing nam pensioners mar chur-seachad. Daoine nach ruigeadh fileatachd, mar bu nòs, agus nach toireadh facal dhith dhan ath ghinealach.

Saoilidh mi gu bheil cuisean beagan nas fheàrr san là an-diugh le barrachd phàrant a' togail a' chànain. Ach, a bheil an òigridh an-sàs ann?

Tha an iris Eireannach 'Nós' na shàr eisimplear. Tha e ri fhaotainn ann an clò agus air loidhne. Agus, tha e beòthail is tarraingeach. Bu choir rudeigin mar seo a bhith againn.

Co às a thig na geàrraidhean ma-tha? Chan eil fiosam. Ach, tha fiosam nach eil cuid a bhuidhnean Gàidhlig cho eifeachdach sa bu choir. Se Comhairle nan Leabhraichean aon eisimplear. Gach bliadhna, bidh mi a' cur òrdain a-steach airson tiodhlacan don teaghlaich is caraidean. Agus gach bliadhna, tha an òrdain a' dol air iomrall. Aig a' char as fheàrr, feumaidh mi feitheamh suas gu mìos airson mo chuid stuthan fhaighinn no iarrtas a dhèanamh airson m'airgead air ais. Mar Chothrom agus CLI, se goireas air leth cudromach a th'ann an CnL. Gu mi-fhòrtanach, tha obrachadh dheth rudeigin lapach.
Làrach-lìn Nós

Saoilidh mi cuideachd, a bheil Bòrd na Gàidhlig fhathast a' maoineachadh 'ceòl na Gàidhlig'? Se mo bheachd nach bu choir ceòladair no comhlan sgillin fhaighinn mura h-eil iad a' cleachdadh na Gàidhlig air na clàran aca agus nan cuid sanasachd. Tha saoghal na Gàidhlig air atharrachadh gu mòr agus ma bheir sinn airgead is inbhe do cheòl a tha 'Gaidhealach' dìreach air sgàth gu bheil ceòl na fidhle ann, tha cho math dhuinn a' laighe sìos an uchd a' bhàis sa bhad.

Seo?
Ma tha Cothrom dhà-rìribh air chall dhuinn, clach air a chàrn. Ach, seo cothrom rudeigin ùr agus nas fheàrr a chruthachadh - ceòl ùr, fiolmaichean, polataigs, siubhail - ann an clò agus air loidhne. Rudeigin bragail is breabail cuideachd.

Se na faclan againn brìgh ar cànain agus as an aonais cha bhith againn ach ceòl binn.

Thoir sùil:
http://www.nosmag.com/
http://www.cli.org.uk/

...no seo?