22/09/2015
Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh...
Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter?
Caitheamh ùine, tha fios'am.
Ach, mar a chanas an sean-fhacal, "S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice"
S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug 'Moladh air Deagh Bhod' dhan t-saoghail. Tha salachar a' ruith san daoine againn, ge b'oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin ged-tà. Cha chuala mi a leithid de shalchar bhon a chunnaic mi Cathal Ó Searcaigh a' bruidhinn. Èibhinn dhà-riribh.
Ceart ma-tha. Tha mi falbh feuch de na faclan sughmhor a th'aig Mill a h-Uile Rud no Micheal Newton a chuidicheas mi tarsainn na lèig salaich seo.
28/06/2015
Là Samhraidh ann an Glaschu
Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh
e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am
Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach.
Ach rinn sinn a’ chuis.
Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg,
cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange
Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no
dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol
dhan eaglais? Co-dhiu, sgap iadsan a-steach dhan choille-choncrait as deidh greis.
Chan eil dia sam bith agam ach tha an saorsa aca dol a dh’adhradh
dia no ban-dia sam bith ann an eaglais sam bith. Saoilidh mi gu bheil ‘clàr-gnothaich’
no agenda rudeigin mi-chàilear aca.
Searach a th’annam gu cul agus chan eil fios’am fhathast,
as-dèidh mòran bhliadhnaichean, dè nì mi de Ghlaschu. Tha an corra thuras ann
fìor mhath ach tha cuideachd rudeigin dubhach is tiamhaidh mu dheidhinn. Ged a
bha cafaidhean Ceann an Iar lòma-làn hiopstairean – is tha iomadh sàr chafaidh
ri lorg – tha bochdainn an àite fhathast am follais faisg ort. Uaireannan, tha
blas iargalta no gràineil na chois – mar a chunnaic sinn leis an
Luchd-Bhuidhe.
Co-dhiù, tha tòrr ann a tha taitneach dhan t-sùil agus
brosnachail dhan inntinn. Taigh-tasgaidh Khelvingrove mar toiseach-toiseachaidh.
S math is fhiach e sròn a chur a-steach ann, gu h-àraid ma tha clann nad chois.
Aon ghearain, ge-tà, se ‘s nach eil Gàidhlig ri faicinn sna taisbeanaidhean
aca. Shaoileam gum biodh. Tha Comhairle Ghlaschu gu math adhartach a thaobh na
Gàidhlig ann an roinntean eile agus le iomadh taigh-seinnse Gaidhealach san
nabaidheachd is Cnag shuas an rathad beagan tha e na ìongnadh nach robh facal
dhith ri fhaicinn. Bha facal no trì a
dhith orm is mi a’ feuchinn ri taisbeanadh nam beathaichean a mhineachadh dhan
bhalach... ‘se pike a tha seo a lorg cuideigin an Loch Laomainn...’
Glaschu. Lorg mi facal dha – dubh-cheist. Tillidh mi a dh’aithghearr
ge-tà.
29/04/2015
Torcuil: beul gun taobh?
Bho chionn fhad' an t-saoghail... bho chionn linn crochadh
nan con... bha sgrìobhadair, neach-naidheachd fiù à Leòdhas a bha aithnichte
airson nam facal a chuir e an clò airson an Herald, an Sunday Herald agus am
BBC. Bhruidhinn a ghuth le tomhas math de dh’ughdarras anns a’ Ghàidhlig agus
ann am Beurla na Banrìghinn.
An uairsin, ghabh e ri duilleagan an Daily Record. Tha an DR
gu mòr air taobh nan Laborach agus gun nàire sam bith na chois. Tha an DR air
taobh nan Laborach as bith modh no poileasaidhean a’ phàrtaidh. PFI airson ar
ospadalan? Bàs is lèir-sgrios ann an Irag? Rèic nam poileasaidhean aca do bhillionairean
mar Bernie Ecclestone et al? Gearan mu dhaoine air sochairean-sòisealta – “something
for nothing society?”....
Tha Torcuil a-nis a’ libhreagadh propaganda nan Laborach,
gun nàir’ mar bu dual dhan bhoss aige. Tha cuid de na sgeulachdan amaideach. Glè amaideach. ‘Dh’ith
Nicola Sturgeon an hamstair agam!”. Cha mhòr nach.
Seo ‘cuis an inneil-chofaidh’... Cha do sheas e fada ge-tà. Chaidh a thoirt sìos as dèidh beagan uairean. Fhuair Crichton e bhon a Daily Mail...
Seo an argamaid mu cò nì an ath riaghaltas...
Agus a-rithist, gun nàire sam bith air rèidio na Beurla a’
cur an-aghaidh Iain Macwhirter...
Co-dhìu, sin e bho bhun gu bàrr. Se Laborach a th’ann an
Torcuil. A thoil fhèin.
Dà phuing ge-tà..
- Chan e neach-naidheachd a th’ann tuilleadh. Se propagandist a th’ann. Cuiridh e cuid den t-seuntas aige fhèin air na press-releases (no sgeulachdan a' Daily Mail) a tha siud ach gu ìre-mhòir, tha a h-uile coltas ann gur e ‘copy n paster’ a th’ann an Torcuil.
- Mar sin dheth, carson a tha e na 'neach-naidheachd' air BBC Radio nan Gaidheal? Ma tha guth gu bhith againn aig a’ BhBC sa Ghàidhlig air cuisean poilitigeach, tha an dleastanas aige gun nochd iad gach taobh. Am faigh sinn sin bho Thorcuil, dhà-rìribh, beachd gun chlaonadh sam bith?
Saoilidh mi gum feum Radio nan Gaidheal neach-naidheachd ùr.
Subscribe to:
Posts (Atom)